Diocese of Argyll and the Isles - http://www.rcdai.org.uk
Prayer to the Holy Spirit
http://www.rcdai.org.uk/articles/83/1/Prayer-to-the-Holy-Spirit/Page1.html
By Fr. Donald MacKay
Published on 02/05/2008
 
Prayer to the Holy Spirit for the Pentecost Novena







A Spioraid Naoimh, ar n-àrd-threise,
thig bho ghrian-chathair do ghlòir',
sgaoil gach ceò tha 'gar cur iomrall,
's leig soillsean dhe d' sholus oirnn.

Thig, O Athair nan dìol-deirce,
do gach feumach sìn do làmh;
an làmh bho'n tig gach rogha gibhte,
soilleirich gach cridhe dall.

A Righ na comh-fhurtach 's an t-sòlais,
bu tu Aoidh an àigh do'n anam;
chan fhairich e teas na ganntar,
's e 'nad làimh-sa 'triall gu aineol.

'S tu bheireadh furtach agus tàmh,
do'n phiantach a bhios fo sgìos;
a' mhal' air an laigh am pràmh,
's ann agads' tha sòlas di.

O Sholuis a's àille snuadh,
na bi'n dubhar oirnn 'nar càs;
is ann an crìdh' do cheideach gaoil,
beòthaich teine caomh do ghràidh.

Gun do chòmhnadh-sa, 'Dhia threin,
chan eil sgoinn am mac an duine;
chan eil ceann gun lochd fo'n ghrein,
's ann 'nad mheinn-sa tha sinn uile.

Glan-sa dhìnn gach uile thruailleachd,
uisgich le d' ghràsan ar tart;
leighis gach anam a tha leòinte,
strìochd na rag-mhuinealaich ri d' reachd.

Taisich nèimh a' chridhe chruaidh,
bi'd chairt-ìuil dhuinn anns gach gàbhadh,
's do na creidich 'tha 'nad earbsa,
thoir seachd tìodhlaicean do ghràidh.

Treòirich na creidich ri'm beò,
's na treig iad an uair am bàis;
sàbhail an anam bho phian,
's gu meal iad do shìth gu bràth.